Friday, March 24, 2006

Tha mi fo bhuaidh...

'S e geam a th'ann an seo: www.blockfrenzy.com Tha e gle fheumail, nuair a tha thu ag obair agus chan eil thu ag iarraidh obair....

Friday, March 03, 2006

Strác? Cáite, Ciamar?

Chan eil strác ceart agam air mo chomputair. Tha mi a'cleachdadh ALTGR airson strác geur ach feumaidh mi strác trom. Fhair mi software bho lárach-linn Microsoft - 's e Microsoft Keyboard Layout Creator a th'ann, ach tha na h-ordughan doirbh a tuigsinn. A bheil rudeigin nas fhúrasta aite sam bith?

Sneachda


Tha mi a'smaoineachadh gu bheil e eibhinn. Nuair a tha rud beag sneachda ann an Alba, stadas a h-uile rud. Sgoiltean, cólaistean, etc. Is beag orm a bhith aig an taigh fad an latha. Bidh mi a dh'aithghearr craicte! Bha mi direach a'coiseachd dhan bhaile cómhla ri na h-igheanan agam, an nighean as lugha anns a' mhála-droma(TROM!), oir bha e ro dhoirbh leis am bugaidh. Ach abair latha bréagha an-diugh! Seall dealbh dé rinn mi direach anns a'gharradh agam.

Thursday, March 02, 2006

Gu h-araid

'S toigh leam a bhith a lorg laraich-linn neónach. rudan mar seo: www.deuceofclubs.com/moj/mojave.htm 'S e sgeulachd mu dheidhinn ciodhosg fhón anns an fhásach ann an California. Siuthad ma tha!

An toiseach...

Haigh, 's e oileanach a th'annam agus tha mi ag ionnsachadh na Gáidhlig aig colaisde Inbhir Nis. Bu toigh leam a bhith a bhruidhinn cómhla ri luchd ionnsachaidh agus native speakers ma tha. Is toigh leam ceól (rock, albannach, ceilteach, ), cánannan, leabhraichean (bidh a'bharrachd mu dheidhinn sin a dh'aithghearr). Seadh, dé a-nis?