Friday, March 03, 2006

Sneachda


Tha mi a'smaoineachadh gu bheil e eibhinn. Nuair a tha rud beag sneachda ann an Alba, stadas a h-uile rud. Sgoiltean, cólaistean, etc. Is beag orm a bhith aig an taigh fad an latha. Bidh mi a dh'aithghearr craicte! Bha mi direach a'coiseachd dhan bhaile cómhla ri na h-igheanan agam, an nighean as lugha anns a' mhála-droma(TROM!), oir bha e ro dhoirbh leis am bugaidh. Ach abair latha bréagha an-diugh! Seall dealbh dé rinn mi direach anns a'gharradh agam.

1 Comments:

Blogger mona said...

Is toigh leam an dealbh sin! Tha mi-fhìn anns an Eilean Sgitheanach an-dràsda, ged a tha mi às a' Ghearmailt, agus tha sneachda is sealladhan brèagha ann an-seo cuideachd. Bha sneachda gu leòr againn anns a' Ghearmailt an geamhradh seo cuideachd. Cha toigh leam sneachda anns a' bhaile, ach is toigh leam air an dùthaich is air na beanntan e :-)

P.S. - Fàilte do saoghal nam blog ;-)
Mona

1:12 AM

 

Post a Comment

<< Home