Bùth-obrach Foghluim tro Mheadhan na Gàidhlig
Bha mi Diciadain aig bùth-obrach ann an Inbhir Narainn mu dheidhinn taic airson pàrantan. Bha e uabhasach cuideachail, agus bha mòran leabhraichean, teipeachan is dvds ann mar eiseimpleir. Cha robh iad airson a bhith a cheannaich, mi-fhortanach. Fhaighnich sinn ceistean gu-leòr, agus bha mi a`faireachdainn gum bidh a`bhun sgoil Gàidhlig Inbhir Narainn direach an toiseach. Tha mi ag iarraidh buidheann Comann nam Pàrant a thoiseachadh an seo. Tha an làthaireach na Gàidhlig a`fàs ann an Inbhir narainn, ged a tha am baile as on ear anns a`Gaidhealtachd. Math dha riribh!
2 Comments:
Iomain, foghlam, bùth-obrach, nach eil cuisean sgràthail fhèin math anns a’ phrìomh bhaile nam blogaichean Ghàidhlig ? :-)
1:50 PM
Opps bu choir dha a bhith ‘ann am prìomh baile nam blogaichean Gàidhlig’ saoilidh mi
8:32 AM
Post a Comment
<< Home